Skip to content
Church.wiki
Mark

Mark 1

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Translation: GAELIC

Modern translations such as the NIV or ESV are not available yet. They need a license, and we will add them when one is in place. All translations and their sources

Start reading

1T OISEACHD soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe.Select Mark 1:1

2Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.Select Mark 1:2

3Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach.Select Mark 1:3

4Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.Select Mark 1:4

5Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan.Select Mark 1:5

6Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh:Select Mark 1:6

7Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh.Select Mark 1:7

8Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.Select Mark 1:8

9Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan.Select Mark 1:9

10'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air.Select Mark 1:10

11Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.Select Mark 1:11

12Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach.Select Mark 1:12

13Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.Select Mark 1:13

14'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,Select Mark 1:14

15'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.Select Mark 1:15

16'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.),Select Mark 1:16

17Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.Select Mark 1:17

18Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e.Select Mark 1:18

19'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata:Select Mark 1:19

20Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.Select Mark 1:20

21Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.Select Mark 1:21

22Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich.Select Mark 1:22

23Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh eSelect Mark 1:23

24Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.Select Mark 1:24

25Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.Select Mark 1:25

26'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.Select Mark 1:26

27Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.Select Mark 1:27

28'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.Select Mark 1:28

29'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.Select Mark 1:29

30Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn.Select Mark 1:30

31Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh.Select Mark 1:31

32'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.Select Mark 1:32

33'S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.Select Mark 1:33

34Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.Select Mark 1:34

35'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin.Select Mark 1:35

36Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris.Select Mark 1:36

37'S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh.Select Mark 1:37

38Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi.Select Mark 1:38

39'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan.Select Mark 1:39

40Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.Select Mark 1:40

41'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan.Select Mark 1:41

42'S nuair thuirt e so, ghrad-dh' fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.Select Mark 1:42

43'S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail;Select Mark 1:43

44'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh.Select Mark 1:44

45Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, 's ri sgaoileadh an sgeoil; air chor 's nach b' urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh' fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh.Select Mark 1:45

Next: Mark 2Continue reading

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark) (GAELIC). Public domain. Text from the CrossWire Bible Society module. About this translation

Reading settings

Choose a passage

Old Testament

New Testament

Mark

Selected verses

Select another verse to extend the range.

Highlight

My Bible

About this name

Listen

Uses an English voice provided by your browser.