Skip to content
Church.wiki
Mark

Mark 13

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Translation: GAELIC

Modern translations such as the NIV or ESV are not available yet. They need a license, and we will add them when one is in place. All translations and their sources

Start reading

1'S nuair a bha e dol a mach as an teampull thuirt fear dhe dheisciopuil ris: A Mhaighistir, seall! nach breagha na clachan agus na togalaichean seo.Select Mark 13:1

2Is fhreagair Iosa, is thuirt e ris: Bheil thu faicinn na togalaichean mora seo uile? Chan fhagar clach air muin cloiche nach tilgear sios.Select Mark 13:2

3'S nuair a bha e 'na shuidhe air sliabh Olibheit, mu choinneamh an teampuill, chuir Peadar is Seumas, is Anndra ceisd air, is iad leo fhein comhla ris:Select Mark 13:3

4Innis dhuinn cuin a thachras na nithean sin? agus de an comharradh a bhios ann, nuair a thoisicheas na nithean sin uile rin coimhlionadh?Select Mark 13:4

5Is Iosa freagairt thoisich e ri radh riutha: Seallaibh nach meall duine sam bith sibhSelect Mark 13:5

6Oir thig moran nam ainm-se, ag radh: Is mise e; agus meallaidh iad moran.Select Mark 13:6

7Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus sgialan mu chogaidhean, na gabhaibh eagal: oir s'fheudar do na nithean sin tachairt: ach chan eil a chrioch ann fhathast.Select Mark 13:7

8Oir eiridh cinneadh an aghaidh cinnidh, agus rioghachd an aghaidh rioghachd, is bithidh crithean-talmhuinn an siod 's a so, agus gorta. 'Siad sin toiseachd nan amhghar.Select Mark 13:8

9Ach seallaibhse ribh fhein. Oir liubhraidh iad seachad sibh do chomhairlean, agus sgiursar sibh sna sinagogan, agus seasaidh sibh air bialaobh uachdarain is righrean as mo lethse, mar fhianais dhaibhsan.Select Mark 13:9

10Is feumar an soisgeul a theagasg an toiseach am measg nan cinneach uile.Select Mark 13:10

11Agus nuair a bhios iad gur tarruinn leo, 's gur liubhairt seachad, na smaoinichibh air ciod a their sibh; ach an ni bheirear dhuibh san uair sin fhein, labhraibh, oir cha sibhse a tha labhairt, ach an Spiorad Naomh.Select Mark 13:11

12Agus liubhraidh brathair brathair gu bas, agus an t-athair am mac; is eiridh clann an aghaidh am parantan, agus cuiridh iad gu bas iad.Select Mark 13:12

13Agus bithidh fuath aig daoine uile oirbh as leth m'ainmse. Ach is esan a sheasas buan thun na criche a bhios sabhailte.Select Mark 13:13

14Agus nuair a chi sibh grainealachd an leirsgrios 'na seasamh far nach bu choir dhi, am fear a leughas tuigeadh e: an sin teicheadh iadsan a tha ann an Iudea thun nam beann.Select Mark 13:14

15'S am fear a tha air mullach an tighe, na tearnadh e don tigh, 's na rachadh e stigh gu dad a thogail leis as a thigh;Select Mark 13:15

16'S am fear a bhitheas san achadh, na tilleadh e air ais gus 'aodach a thoirt leis.Select Mark 13:16

17Ach mo thruaighe iadsan a tha lethtromach 'sa toirt ciche sna laithean sin.Select Mark 13:17

18Ach guidhibh nach tachair iad so sa gheamhradh.Select Mark 13:18

19Oir anns na laithean sin bithidh amghairean ann nach robh an leithid ann bho thus a chruthachaidh, a rinn Dia, gu so, 's nach bi.Select Mark 13:19

20Agus mur a giorraicheadh an Tighearna na laithean sin, cha bhiodh duine sam bith tiaruinte: ach air son nan daoine taghte, a thagh e, giorraichidh e na laithean sin.Select Mark 13:20

21Agus an sin ma their neach sam bith ribh: Seall, tha Criosda an so, seall, tha e sin, na creidibh e.Select Mark 13:21

22Oir eiridh criosdan breige, agus faidhean-breige, is ni iad comharran agus beartan iongantach, gus, nam faodadh e bhith, mhealladh iad na daoine taghte fhein.Select Mark 13:22

23Thugaibhse mata an aire: seall, dh' innis mi dhuibh gach ni ro-laimh.Select Mark 13:23

24Ach anns na laithean sin an deigh na trioblaide sin, thig dorchadas air a ghrein, 's cha toir a ghealach a solus.Select Mark 13:24

25Agus bithidh reultan neamh a tuiteam, agus gluaisear na cumhachdan a tha sna flathais.Select Mark 13:25

26Agus an sin chi iad Mac an duine sna neoil le cumhachd mhoir agus le gloir.Select Mark 13:26

27An sin cuiridh e ainglean a mach, is crunnichidh e a dhaoine taghte bho na ceithir gaoithean bho iomall an talmhuinn gu iomall neamh.Select Mark 13:27

28A nis ionnnsuichibh dubhfhacal bhon chraoibh-fhige. Nuair a bhios a miar a nis maoth, 'sa chinneas an duilleach, tha fios agaibh gu bheil an samhradh gle fhaisg:Select Mark 13:28

29Mar an ciadna sibhse, nuair a chi sibh na nithean so a tachairt, tuigibh gu bheil e gle dhluth, seadh aig na dorsan.Select Mark 13:29

30Gu firinneach tha mi ag radh ribh nach teid an ginealach so seachad, gus an tachair so uile.Select Mark 13:30

31Theid neamh agus talamh seachad, ach cha teid m' fhacalsa seachad.Select Mark 13:31

32Ach air an latha no air an uair sin chan eil fios aig duine sam bith, no aig na h-ainglean air neamh, no aig a Mhac, ach aig an Athair.Select Mark 13:32

33Thugaibh an aire, dianaibh faire agus urnaigh: Oir chan eil fhios agaibh cuin a bhios an t-am.Select Mark 13:33

34Tha e ri choltachadh ri duine a dol fad air astar a dh' fhag a thigh, 'sa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, 'sa dh' aithn' air an dorsair faire a dhianamh.Select Mark 13:34

35Dianaibhse faire mata, (chionn 's nach eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an tighe: co dhiu sann anmoch, no mu mhiadhon oidhche, no mu ghairm a choilich, no sa mhaduinn),Select Mark 13:35

36Eagal gun tig e gu h-obann, 's gum faigh e sibh nur cadal.Select Mark 13:36

37Agus na tha mi cantuinn ribhse, tha mi cantuinn ri daoine uile: Dianaibh faire.Select Mark 13:37

Next: Mark 14Continue reading

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark) (GAELIC). Public domain. Text from the CrossWire Bible Society module. About this translation

Reading settings

Choose a passage

Old Testament

New Testament

Mark

Selected verses

Select another verse to extend the range.

Highlight

My Bible

About this name

Listen

Uses an English voice provided by your browser.