Skip to content
Church.wiki

Mark Chapter 5 Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Gospels · Mark · Scots Gaelic (Gospel of Mark) · 43 verses

Verse layout
📝 Overview of this chapter Flow, key verses and people

마가복음 5장은 예수가 거라사인 지방에서 '군대'라 불린 귀신 들린 사람을 고치고, 돌아와서 열두 해 혈루증 앓던 여자를 고치며 회당장 야이로의 딸을 살린 이야기를 담은 장이다.

Jump to verse

5Mark · Scots Gaelic (Gospel of Mark)
1Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.
2'Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
3Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, 's cha b' urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean:
4Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, 's le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, 's bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh.
5Is bha e daonnan a latha sa dh' oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, 's ga bhruthadh fhein le clachan.
6'Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, 's thug e aoradh dha;
7'S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
8Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
9Agus dh' fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m' ainm, oir is moran sinn.
10Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
11Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh.
12Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
13Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, 'nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad.
14Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh' innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh' fhaicinn ciod a thachair
15Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, 'na shuidhe agus aodach uime, agus 'na lan chiall; is ghabh iad eagal.
16Agus dh' innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.
17Agus thoisich iad ri guidhe air, falbh as an criochan.
18'S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh' air a leigeil comhla ris:
19Ach cha do leig e leis, 's ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, 's mar a ghabh e truas riut.
20Is dh' fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh.
21'S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.
22Agus thainig fear de dh' uachdrain an t-sinagoig, dham b' ainm Iairus; 's ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,
23Agus ghuidh' e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, 's gum bi i beo.
24Is dh' fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air.
25Agus boirionnach, air an robh siubhal-fala fad da bhliadhna dhiag,
26'S a dh' fhuilig moran bho iomadh lighich, 'sa chosg a cuid uile, 's nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh'fhas nas miosa.
27A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh;
28Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan.
29Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh' fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis.
30Agus dh' aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh?
31Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh 's an abair thu: Co bhean dhomh?
32Agus sheall e mun cuairt a dh' fhaicinn na te a rinn so.
33Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh 's air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh' innis i dha an fhirinn gu leir.
34Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d' eucail.
35Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir?
36Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh'aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid.
37'S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais.
38Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, 'sa caoidh gu goirt.
39'Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal.
40Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean 'na laidhe.
41'Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh : A nighean (tha mu ag radh riut), eirich.
42Is dh' eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh' aois. Agus b' anabarrach an t-iognadh a ghabh iad.
43Is sparr e gu cruaidh orra, gun neach sam bith fios fhaighinn air an so; agus dh' iarr e orra rudeigin a thoirt dhi ri itheadh.

Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Tap a verse to copy, share, highlight or add a note. Dotted words link to encyclopedia articles.

43 verses in this chapter
5 / 16 chapters

The text is Scots Gaelic (Gospel of Mark)(스코틀랜드 게일어) — From getbible.net (CrossWire SWORD module) · license: 공개 도메인 (Public Domain) Highlights, notes and read marks stay with the chapter whichever version you read. Dotted words are people, places and terms that have an encyclopedia article (marked once per page). Highlights, notes and read marks are saved only in this browser and gathered under My marks.

Articles mentioning this chapter

More