Skip to content
Church.wiki
Mark

Mark 12

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Translation: GAELIC

Modern translations such as the NIV or ESV are not available yet. They need a license, and we will add them when one is in place. All translations and their sources

Start reading

1Is thoisich e ri labhairt riutha ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, is chuir e garadh mu thimcheall, is chladhaich e amar-fiona, is thog e tur, is shuidhich e air aonta do thuathanaich e, is dh' fhalbh e gu tir chein.Select Mark 12:1

2Agus chuir e seirbhiseach thun na tuathanaich san am, los gu faigheadh e de thoradh an fhion-lios bhuapa.Select Mark 12:2

3'Sa breith air, bhuail iad e, is chuir iad air falbh falamh e.Select Mark 12:3

4Agus a rithist chuir e gan ionusuidh seirbhiseach eile; is lot iad sa cheann e, agus thug iad taire dha.Select Mark 12:4

5'Sa rithist chuir e fear eile, 's mharbh iad e; agus moran eile: cuid dhiu sgiurs iad, ach cuid eile mharbh iad.Select Mark 12:5

6Ach fhathast bha aona mhac ro-ghradhach aige, agus mu dheireadh uile chuir e esan gan ionnsuidh, ag radh: Bheir iad urram dham mhac.Select Mark 12:6

7Ach thuirt na tuathanaich ri cheile: Se so an t-oighre: thigibh, marbhamaid e; agus bithidh an oighreachd againn fhein.Select Mark 12:7

8'Sa breith air, mharbh iad e; is thug iad a mach as a gharadh-fhiona e.Select Mark 12:8

9Ciod ma ta a ni tighearna a gharaidh-fhiona? Thig e, agus sgriosaidh e na tuathanaich sin; agus bheir e gharadh-fiona do dh' fheadhainn eile.Select Mark 12:9

10Nach do leugh sibh an sgriobtur so: A chlach a dhiult na clachairean, rinneadh clach chinn na h-oisinn dhi.Select Mark 12:10

11Leis an Tighearna rinneadh so, 's tha e iongantach ri fhaicinn?Select Mark 12:11

12Agus dh' iarr iad a ghlacadh, ach bha eagal an t-sluaigh orra: oir thuig iad gum b' ann mun deidhinn fhein a labhair e an dubhfhacal so. Agus ga fhagail, dh' fhalbh iad.Select Mark 12:12

13Is chuir iad ga ionnsuidh cuid de na Phairisich, agus de luchd-leanmhuinn Heroid, fiach an glacadh iad e 'na chainnt.Select Mark 12:13

14Thainig iadsan, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, 's nach eil eisimeil agad ri duine sam bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chesar, no nach eil?Select Mark 12:14

15Thuig esan am foill, is thuirt e riutha: Carson tha sibh gam bhuaireadh? Thoiribh dhomh sgilinn gus am faic mi i.Select Mark 12:15

16Agus thug iad dha i. Is thuirt e riutha: Co leis an iomhaigh so, 's an sgriobhadh? Thuirt iad ris: Le Cesar.Select Mark 12:16

17Is Iosa freagairt, thuirt e riutha: Thugaibh mata do Chesar na bhuineas do Chesar; 's do Dhia na bhuineas do Dhia. Agus ghabh iad ioghnadh as.Select Mark 12:17

18Agus thainig na Sadusaich ga ionnsuidh, a tha cantuinn nach eil aiseirigh ann; is dh' fharraid iad dheth, ag radhSelect Mark 12:18

19A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheibh brathair duine bas, 's gum fag e bean, 's nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, 's togadh e clann dha bhrathair.Select Mark 12:19

20A nis bha seachdnar bhraithrean ann 's ghabh a chiad fhear bean, agus chaochail e gun sliochd fhagail.Select Mark 12:20

21Agus ghabh an darna fear i, agus chaochail esan 's cha mhua dh' fhag esan sliochd. Agus an treas fear mar an ciadna.Select Mark 12:21

22Agus mar sin ghabh an t-seachdnar i; 's cha d' fhag iad sliochd. 'Nan deigh uile dh' eug am boirionnach fhein.Select Mark 12:22

23Anns an aiseirigh mata, nuair dheireas iad, co dhiu sin dham bi i 'na mnaoi? oir bha i 'na mnaoi aig an t-seachdnar.Select Mark 12:23

24Agus fhreagair Iosa, is thuirt e riutha: Nach ann a thaobh seo a tha sibh a deanamh mearachd, nach eil eolas agaibh air na sgriobturan no air cumhachd Dhe?Select Mark 12:24

25Oir nuair a dh' eireas iad bho na mairbh, cha phos iad, 's cha mhua phosar iad, ach tha iad mar na h-ainglean sna flathais.Select Mark 12:25

26Agus a thaobh aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an leabhar Mhaois, mar a labhair Dia ris anns a phreas, ag radh: Is mise Dia Abrahaim, agus Dia Isaic, agus Dia Iocoib?Select Mark 12:26

27Cha Dia nam marbh e, ach nam beo. Tha sibhse uime sin a dol fada cearr.Select Mark 12:27

28Is thainig fear de na Sgriobhaich, a chuala iad a consachadh, 'sa faicinn gur math a fhreagair e iad, dh' fharraid e dheth: ciod i a chiad fhainte dhiu uile.Select Mark 12:28

29Is fhreagair Iosa e: Gum b' i a chiad fhainte dhiu uile: Eisd, Israel: is aon Dia an Tighearna do Dhia :Select Mark 12:29

30Agus bheir thu gaol don Tighearna do Dhia le t-uile chridhe, agus le t-uile anam, agus le t-uile inntinn, agas le t-uile neart. Se so a chiad fhainte.Select Mark 12:30

31Agus tha an darna fainte coltach rithe : Bheir thu gaol dhad choimhearsnach mar dhut fhein. Nas mua na iad so chan eil fainte eile ann.Select Mark 12:31

32Is thuirt an sgriobhach ris: Is math, a Mhaighistir, a labhair thu an fhirinn, gu bheil aon Dia ann, 's nach eil ann ach e;Select Mark 12:32

33'S gur e gaol thoirt dha leis an uile chridhe, 's leis an uile anam, 's leis an uil' inntinn, agus leis an uile neart ; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.Select Mark 12:33

34Agus Iosa faicinn, gur glic a fhreagair e, thuirt e ris: Chan eil thu fada bho rioghachd Dhe. Is bho sin suas cha robh chridhe aig duine ceisd a chur air.Select Mark 12:34

35Is thuirt Iosa, 's e freagairt nuair bha e teagasg san teampull: Ciamar tha na Sgriobhaich a cantuinn gur e Criosda mac Dhaibhidh?Select Mark 12:35

36Oir tha Daibhidh fhein a cantuinn leis an Spiorad Naomh: Thuirt an Tighearna ri mo Tighearna, suidh air mo laimh dheis, gus an cuir mi do naimhidean nan stol-chas dhut.Select Mark 12:36

37Tha Daibhidh fhein mata a cantuinn a Thighearna ris, agus ciamar mata is e a mhac? Is dh' eisd moran sluaigh ris gu deonach.Select Mark 12:37

38Is thuirt e riutha 'na theagasg: Thugaibh an aire oirbh fhein bho na Sgriobhaich leis an toil imeachd an culaidhean fada, agus furan fhaighinn air a mhargadh,Select Mark 12:38

39Agus suidhe air na ciad chathraichean anns na sinagogan, 's air na ciad shuidheachain aig suipeirean:Select Mark 12:39

40A shluigeas tighean bhantrach air sgath urnaighean fada: gheibh iad sin binn nas cruaidhe.Select Mark 12:40

41'S nuair a bha Iosa 'na shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha 'n sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus chuir moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte.Select Mark 12:41

42Agus thainig bantrach bhochd, is chuir i da lethfheoirlinn, se sin fairdein, innte,Select Mark 12:42

43'Sa gairm a dheisciopul, thuirt e riutha: Gu deimhinn tha mi ag radh ribh, gun do chuir a bhantrach bhochd so barrachd na iadsan uile, a chuir anns an tasgaidh.Select Mark 12:43

44Oir 's ann bho am mor-phailteas a chuir iadsan uile ann; ach 'sann bho h-uireasuidh a chuir ise, a beo-shlainte uile.Select Mark 12:44

Next: Mark 13Continue reading

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark) (GAELIC). Public domain. Text from the CrossWire Bible Society module. About this translation

Reading settings

Choose a passage

Old Testament

New Testament

Mark

Selected verses

Select another verse to extend the range.

Highlight

My Bible

About this name

Listen

Uses an English voice provided by your browser.