Skip to content
Church.wiki
Mark

Mark 15

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Translation: GAELIC

Modern translations such as the NIV or ESV are not available yet. They need a license, and we will add them when one is in place. All translations and their sources

Start reading

1Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, 's na seannairean 's na Sgriobhaich, 'sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.Select Mark 15:1

2Is dh' fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh.Select Mark 15:2

3Agus bha na h-ard-shagairt a cur iomadh cuis as a leth.Select Mark 15:3

4Is dh' fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh.Select Mark 15:4

5Ach cha do fhreagair Iosa tuilleadh, air sheol 's gun do ghabh Pilat ioghnadh.Select Mark 15:5

6A nis air latha na feille b' abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh' iarradh iad.Select Mark 15:6

7Agus bha fear ann, dham b'ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.Select Mark 15:7

8Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e.Select Mark 15:8

9Agus fhreagair Pilat iad, 's thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?Select Mark 15:9

10Oir bha fios aige gum b' ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.Select Mark 15:10

11Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn.Select Mark 15:11

12Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?Select Mark 15:12

13Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e.Select Mark 15:13

14Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e.Select Mark 15:14

15Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, 's an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.Select Mark 15:15

16Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile.Select Mark 15:16

17Agus dh' eid iad e le purpur, 'sa fighe crun dreighinn chuir iad air e.Select Mark 15:17

18Agus thoisich iad air furan a chur air, ag radh: Failt, a righ nan Iudhach.Select Mark 15:18

19Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, 'sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.Select Mark 15:19

20Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.Select Mark 15:20

21Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan.Select Mark 15:21

22Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.Select Mark 15:22

23Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.Select Mark 15:23

24Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon.Select Mark 15:24

25Agus bi an treasamh uair a bh' ann, agus cheus iad e.Select Mark 15:25

26'S bha chuis-dhitidh sgriobhte os a chionn: RIGH NAN IUDHACH.Select Mark 15:26

27Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli.Select Mark 15:27

28Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.Select Mark 15:28

29Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, 's ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, 'sa thogas e rithist ann an tri latha:Select Mark 15:29

30Teasraig thu fhein agus thig a nuas bhon chrois.Select Mark 15:30

31Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh.Select Mark 15:31

32Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air.Select Mark 15:32

33'S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.Select Mark 15:33

34Agus aig an naoitheamh uair dh' eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi?Select Mark 15:34

35Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha 'nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.Select Mark 15:35

36Agus ruith fear, 'sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.Select Mark 15:36

37Agus Iosa ag eigheach le guth ard, thug e suas an anail.Select Mark 15:37

38Agus sthracadh brat an teampuill na dha leth bho bhraighe gu iochdar.Select Mark 15:38

39Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha 'na sheasamh mu choinneamh, gun do dh'eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b'e an duine so Mac Dhe.Select Mark 15:39

40Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome:Select Mark 15:40

41A lean e nuair a bha e ann an Galile, 'sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh' air direadh gu Ierusalem maille ris.Select Mark 15:41

42'S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh' ann, se sin an latha romh 'n t-sabaid,Select Mark 15:42

43Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh' iarr e corp Iosa.Select Mark 15:43

44'S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. 'Sa gairm a cheannaird-chiad, dh' fharraid e dheth an robh e cheana marbh.Select Mark 15:44

45'S nuair fhuair e fios bhon cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.Select Mark 15:45

46Agus cheannaich Ioseph lion-anart, 's ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh' air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.Select Mark 15:46

47'S bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd caite an do chuireadh e.Select Mark 15:47

Next: Mark 16Continue reading

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark) (GAELIC). Public domain. Text from the CrossWire Bible Society module. About this translation

Reading settings

Choose a passage

Old Testament

New Testament

Mark

Selected verses

Select another verse to extend the range.

Highlight

My Bible

About this name

Listen

Uses an English voice provided by your browser.