Mark 3
Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark)
Translation: GAELIC
Modern translations such as the NIV or ESV are not available yet. They need a license, and we will add them when one is in place. All translations and their sources
1Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte.Select Mark 3:1
2Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn 'na aghaidh.Select Mark 3:2
3Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.Select Mark 3:3
4Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan 'nan tosd.Select Mark 3:4
5'S ag amharc orra mun cuairt le feirg 's le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha.Select Mark 3:5
6'S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha.Select Mark 3:6
7Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile 's bho Iudea,Select Mark 3:7
8Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, 'S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, 's iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh.Select Mark 3:8
9Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.Select Mark 3:9
10Oir leighis e moran, air chor 's gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad 'sa bha easlainteach.Select Mark 3:10
11'S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh:Select Mark 3:11
12Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach.Select Mark 3:12
13'Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b' aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh.Select Mark 3:13
14Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad.Select Mark 3:14
15Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach.Select Mark 3:15
16Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:Select Mark 3:16
17Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:Select Mark 3:17
18Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach,Select Mark 3:18
19Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e.Select Mark 3:19
20Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor 's nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe.Select Mark 3:20
21S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach.Select Mark 3:21
22Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, 's gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.Select Mark 3:22
23'S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?Select Mark 3:23
24Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh.Select Mark 3:24
25Agus ma bhios tigh air a roinn 'na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh.Select Mark 3:25
26'S ma tha Satan air eirigh 'na aghaidh fhein, tha e roinnte, 's chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air.Select Mark 3:26
27Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.Select Mark 3:27
28Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum:Select Mark 3:28
29Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh.Select Mark 3:29
30Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige.Select Mark 3:30
31Is thainig a mhathair 'sa bhraithrean; 's nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh.Select Mark 3:31
32Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair 's do bhraithrean a muigh gad iarraidh.Select Mark 3:32
33Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?Select Mark 3:33
34'S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha 'nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean.Select Mark 3:34
35Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.Select Mark 3:35
Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark) (GAELIC). Public domain. Text from the CrossWire Bible Society module. About this translation