Skip to content
Church.wiki
Mark

Mark 6

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark)

Translation: GAELIC

Modern translations such as the NIV or ESV are not available yet. They need a license, and we will add them when one is in place. All translations and their sources

Start reading

1Is dh'fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e;Select Mark 6:1

2Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: 's na gniomhan cho euchdail, a th' air an dianamh le lamhan?Select Mark 6:2

3Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as.Select Mark 6:3

4Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach 'na dhuthaich fhein, agus 'na thigh fhein, 's am measg a chairdean fhein.Select Mark 6:4

5Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra;Select Mark 6:5

6Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh' imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg.Select Mark 6:6

7Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan.Select Mark 6:7

8Is dh'aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod 'nan sporan,Select Mark 6:8

9Ach cuarain air a chasan, 's gun da chota a chur orra.Select Mark 6:9

10Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin.Select Mark 6:10

11Agus aite sam bith nach gabh ribh, 's nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais 'nan aghaidh.Select Mark 6:11

12'Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh.Select Mark 6:12

13Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh' ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad.Select Mark 6:13

14Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh 'ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh' eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: 's air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis.Select Mark 6:14

15Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th' ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th' ann, mar aon de na faidhean a bh'ann bho shean.Select Mark 6:15

16Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th' ann, dh' eirich e bho na mairbh.Select Mark 6:16

17Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i.Select Mark 6:17

18Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad.Select Mark 6:18

19Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b' urrainn dhi.Select Mark 6:19

20Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e 'na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh' eisdeadh e ris gu toileach.Select Mark 6:20

21Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh' uaislean, 's do cheannardan, 's do mhaithean Ghalile.Select Mark 6:21

22'S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, 'sa dhanns i, 'sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e:Select Mark 6:22

23Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b'e leth mo rioghachd.Select Mark 6:23

24Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh' iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh.Select Mark 6:24

25'S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh' iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis.Select Mark 6:25

26Agus bha 'n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh' aig bord maille ris, cha b' aill leis miothlachd a chur oirre:Select Mark 6:26

27'Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh' orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan,Select Mark 6:27

28Agus thug e leis a cheann air meis, 's thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e.Select Mark 6:28

29Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, 's thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.Select Mark 6:29

30Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh' innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, 's air teagasg.Select Mark 6:30

31Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn 'sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail.Select Mark 6:31

32'Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas.Select Mark 6:32

33Agus chunnacas iad a falbh, 's bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa.Select Mark 6:33

34'Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh.Select Mark 6:34

35Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, 's tha 'n uair a nis air ruithSelect Mark 6:35

36Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha 's do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh' itheas iad.Select Mark 6:36

37Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh' aran a bheir sinn dhaibh ri ithe?Select Mark 6:37

38Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh' fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, 's da iasg.Select Mark 6:38

39Agus dh' orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm.Select Mark 6:39

40Is shuidh iad sios 'nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan.Select Mark 6:40

41'Sa glacadh na coig bonnaich-arain, 's an da iasg, 's ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile.Select Mark 6:41

42Is dhith iad uile, agus riaraicheadh iad.Select Mark 6:42

43Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, 's de dhiasg.Select Mark 6:43

44Agus b' e aireamh na feadhnach, a dh' ith, coig mile fear.Select Mark 6:44

45'S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad 'sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh.Select Mark 6:45

46Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh.Select Mark 6:46

47'S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir.Select Mark 6:47

48'Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra.Select Mark 6:48

49Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh'ann, agus glaodh iad.Select Mark 6:49

50Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh.Select Mark 6:50

51Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra.Select Mark 6:51

52Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh.Select Mark 6:52

53Agus nuair dh' aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir.Select Mark 6:53

54'S nuair thainig iad as a bhata, dh' aithnich iad e san uair:Select Mark 6:54

55Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith.Select Mark 6:55

56Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, 's a guid' air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh'iomall aodaich: 'sa mhiad 's bhean dha, rinneadh slan iad.Select Mark 6:56

Next: Mark 7Continue reading

Scottish Gaelic, Scots Gaelic (Gospel of Mark) (GAELIC). Public domain. Text from the CrossWire Bible Society module. About this translation

Reading settings

Choose a passage

Old Testament

New Testament

Mark

Selected verses

Select another verse to extend the range.

Highlight

My Bible

About this name

Listen

Uses an English voice provided by your browser.